An Lanntair a' fosgladh air an t-Sàbaid

An Lanntair

Tha an Lanntair ann an Steòrnabhagh ag ràdh gum fosgail iad air an t-Sàbaid mu dheireadh den mhìos airson a' chiad trì mìosan den bhliadhna.

Tha an fheadhainn a tha a' ruith an ionaid ag ràdh gu bheil iad airson ìre iarrtais a thomhas, 's nach eil e a' ciallachadh gum fosgail e gach Sàbaid bho seo a-mach.

"'S e tha seo ach eacarsaich rannsachaidh iarrais, dha-rìribh," thuirt Àrd-Oifigear an Lanntair Elly Fletcher.

"Chan eil sinn idir a' feuchainn ri dùbhlan a chur ro, no a bhith a' dol an aghaidh traidisean an àite.

Co-ionnanachd Chothroman

"Tha e gu math cudromach gun can sinn sin.

"Gu follaiseach, tha cumail na Sàbaid gu math cudromach do dh'Eilean Leòdhais, agus tha eachdraidh làidir dheth sin an seo.

"Tha sinn gu math mothachail dha sin, agus tha spèis againn dha.

"'S e na tha sinn a' dèanamh, tha sinn a' bruidhinn ri daoine sa choimhearsnachd a dh'fhaicinn a bheil daoine ann a dh'iarradh cothrom air na h-ealain Là na Sàbaid.

"Saoilidh mi gur e na tha fa-near dhuinn, ach sin fhaicinn mar phàirt den obair a bhios sinn a' dèanamh a thaobh co-ionnanachd chothroman, agus iomadachd is ion-ghabhail, agus dìreach a bhith mothachail dha, agus spèis a nochdadh dha na daoine sin," thuirt i.

Thuirt an t-Urr. Seumas MacÌomhair bhon Eaglais Shaoir sa bhaile, gu bheil e tàmailteach nach deach beachd nan Eaglaisean a thrusadh ron cho-dhùnadh.

"Tha e duilich nach dh'fhuair iad còmhradh rinne, anns na h-eaglaisean an toiseach co-dhiù," thuirt e.

"Tha mi a' tuigsinn gun do rinn iad còmhradh am measg an fheadhainn a tha nam buill aca fhèin, ach bhiodh e na b' fheàrr tha mi a' smaoineachadh nam biodh iad an dèis a thighinn chun na h-eaglaise agus deasbad a dhèanamh rinne mu dheidhinn na cùise.

"Bhon, seach gur e Là na Sàbaid a th' ann, tha sin a' bualadh air seirbheisean Là na Sàbaid.

Seirbheisean Eaglais

"Agus na h-eaglaisean anns a' bhaile gu sònraichte tha iad a' fosgladh aig 11:00m, 's ma tha iadsan a' dol a dh'fhosgladh faisg air an àm a tha sin tha sin a' dol a bhualadh air na seirbheisean cuideachd.

"'S mar sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e duilich dhuinne a bhith ga fhaicinn a' fosgladh seach gu bheil e a' dol a bhualadh air cùisean na h-eaglaise cuideachd.

"Ach chanainnsa cuideachd gu bheil e cudromach dhuinne a bhith a' feuchainn ri toirt seachad a' phuing nach ann idir airson a bhith a' stampadh air cùisean a bhuineas dhan Lanntair a tha sinne.

"Chan eil càil againne an aghaidh An Lànntair, dheth fhèin, agus tha iad air a bhith taiceil dhuinne cuideachd mar eaglais airson rudan a bha sinn a' dèanamh ann bho chionn ghoirid.

"Ach an rud a tha sinne a' feuchainn ri chur air chois, agus 's ann air a shon a tha sinn a' seasamh, gu bheil taobh spioradail ann is còir dhuinn a bhith a' cumail suas nar beatha mar dhaoine, mar Chlann nan Daoine.

"Agus tha sinne a' moladh sin a bharrachd air gum biodh daoine dìreach a' fàgail a' chuibhreann sin de am beatha às, agus ga lìonadh le rudeigin eile.

"So mar sin, tha mi duilich a chluinntinn gu bheil iad a' dol a dh'fhosgladh, ged is ann dìreach airson ùine, a dh'fhaicinn a bheil e a' dol a dh'obrachadh no nach eil," thuirt e.