Sagart ùr Beinn nam Fadhla

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Thathas an dùil gum bi Raghnall Caimbeul à Beinn nam Fadhla na shagart an ath-bhliadhna.

Thèid eachdraidh a dhèanamh an ath-bhliadhna nuair a thig sagart à Beinn nam Fadhla 'son a' chiad turas ann an còrr is 100 bliadhna.

'B ann 1889 a thachair sin mu dheireadh nuair a chaidh Maighstir Uilleam Dòmhnallach òrdaicheadh.

Gu dearbha, tha e coltach nach tàinig sagart sam bith eile às an eilean ach Maighstir Dòmhnallach.

A rèir beul-aithris co-dhiù, tha adhbhar ann gun robh Beinn nam Fadhla cho gann de shagartan.

Thathas ag ràdh gun do chuir, uair gun robh saoghal, mnathan-cràbhaidh - a bha mì-thoilichte le mar a bha sagart a' dèiligeadh riutha - guidhe an sàs nach tigeadh sagart à Beinn nam Fadhla gu sìorraidh buan.

Ach tha fear Raghnall Caimbeul à Cill Eireabhagh a' dol a dh'atharrachadh seo.

Tha Raghnall, a bha roimhe na thidsear, an-dràsta a' trèanadh sa cholaiste anns an Ròimh a bhith na shagart is dùil gum bi e deiseil ann an 2019.

"Dùbhlan"

"'S e an dùbhlan as motha a bhith cinnteach gur e seo an rud a tha mi a' dol a dhèanamh", thuirt Mgr. Caimbeul.

"San là a th' ann chan e rud a tha thu a' cluinntinn tòrr, cuideigin a' dol nan sagart.

"Tha an saoghal ag innse dhuinn gum bu chòir dhuinn pòsadh is clann a bhith againn - is bha sin glè tharraingeach dhomh - ach bha rudeigin gam tharraing an taobh seo", thuirt e.

Chan eil sgeulachdan mu ghuidhe a' cur dragh sam bith air.

"Chuala mi sin is bidh daoine ga thogail an-dràsta is a-rithist.

"Chan eil mi a' coimhead orm fhèin mar an duine a bhristeas guidhe, chan e rud a th' ann air a bheil mi a' smaointinn idir", thuirt e.

Gainnead

Bidh fàilte mhòr air Raghnall.

Chan ann a-mhàin gu bheil sagartan a' fàs nas gainne san fharsaingeachd, ach tha 20 bliadhna gu bhith ann bho chaidh an sagart mu dheireadh às na h-Eileanan an Iar òrdaicheadh.

Tha Maighstir Cailean MacAonghais bho chionn ghoirid air tilleadh dha na h-eileanan às dèidh bhliadhnaichean mòra na shagart ann an Aimeireaga a Deas.

Tha e a' faicinn slighe Ruairidh Chaimbeul mar adhbhar dòchais.

"Dìreach a' coimhead air tha e cho òg is làn de bheatha", thuirt Maighstir Cailean.

"'S e rud àraid a th' ann, a thaobh chan ann a h-uile bliadhna a bhios duine òg mar sin a' dol a-steach airson sagairteachd.

"Tha mise car moiteil gun tàinig e bho Bheinn nam Fadhla agus ann am bliadhna gu leth bidh mi ag ràdh rium fhèin 'seo gille a thàinig às a' pharaiste a tha a-nise na shagart", thuirt e.