Mèirle ann an Cataibh

Poilis

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mèirle aig ionad ath-chuairteachaidh ann an Cataibh.

Chaidh grunn bhataraidhean chàraichean a ghoid bho Ionad Ath-Chuairteachaidh Taobh Mhealanais faisg air Tunga ann an Dùthaich MhicAoidh.

Thachair a' mhèirle eadar 4:00f Diardaoin an 4mh den Fhaoilleach agus 08:00m Dihaoine an 5mh.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith a chunnaic dad amharasach san sgìre aig an àm fios a chur orra.

Faodar fios a chur orra air 101 (àireamh NE260/18) no Crimestoppers air 0800 555 111.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile