Taic airson Ulbha a cheannach

Eilean Ulbha

Tha muinntir Iar-Thuath Mhuile air bhòtadh gum bu chòir dhan choimhearsnachd Eilean Ulbha a cheannach.

Chaidh an t-eilean a chur air a' mhargaidh an-uiridh.

Tha Compananaidh Coille Coimhearsnachd Iar-Thuath Mhuile airson a cheannach gus daoine ùra a thàladh ann agus piseach a thoirt air an eaconomaidh.

Chumadh baileat tron phost is thill 63.6% aig an robh cead bhòtaidh am pàipearan ron cheann-uidhe Diluain an 8mh den Fhaoilleach.

Bha 63.9% dhiubh sin airson an t-eilean a cheannach.

Tha a' bhuidheann choimhearsnachd mar-thà air plana gnothachais a chur air adhart.

Reachdas

Feumaidh Rùnaire Ath-Leasachaidh an Fhearainn, Roseana Choinneagan, a-nise co-dhùnadh an urrainn dhan choimhearsnachd a dhol air adhart agus an t-eilean a cheannach fo Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn.

Dh'fheumadh a' choimhearsnachd an uairsin airgead a thrusadh is iad ag amas air aonta a ruighinn san Ògmhios.

Tha dùil aca gun tig taic bho Stòras an Fhearainn.

Chuir sgrùdadh neo-eisimeileach luach de £4.2m air an eilean.

Tha a' choimhearsnachd mar-thà ann an còmhraidhean a thaobh taic-airgid gus an t-eilean a cheannach agus 'son leigeil leotha leasachaidhean a chur air adhart às dèidh sin.

Sheall sgrùdadh mar-thà gum faodadh àireamh sluaigh an eilein èirigh gu mòr nan ceannaicheadh iad am fearann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile