Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Àireamhan an NHS

Ràinig an àireamh dhaoine a bha a' feitheamh còrr's ceithir uairean de thìde ann an ionadan tubaist agus èiginn na h-Alba an ìre as àirde riamh air an t-seachdain mu dheireadh den bhliadhna. Tha na figearan seachdaineil as ùire ag ràdh gur e trì fichead 's ochd deug às a' cheud de dh'euslaintich ris an deach sealltainn an taobh a-staigh na h-ùine, gu math goirid air targaid an riaghaltais aig ceithir fichead 's còig deug às a' cheud.

Brexit

Dh'aontaich an SNP, na Lib Deamaich, Plaid Cymru agus am Pàrtaidh Uaine comataidh thar-phàrtaidh a stèidheachadh a dh'fheuchas ri Breatainn a chumail anns a' mhargaidh shingilte agus Aonadh nan Cuspainn an dèidh Brexit. Choinnich na ceithir pàrtaidhean sin aig Westminster an-diugh. Thuirt na Làbaraich, nach robh an làthair, nach robh anns a' choinneimh ach cleasachd gun bhrìgh.

Brexit an Alba

Thuirt buill ann am Pàrlamaid na h-Alba nach toir iad cead do bhile Brexit, mar a tha e an dràsda. Tha a' chomataidh thar-phàrtaidh aig Holyrood a ràdh gu bheil an reachdas gann air na tha a dhith. Thuirt an riaghaltas ann an Westminster gu bheil spèis aca do dh'fhèin-riaghladh agus gu feuch ri aonta a ruigheachd.

Riaghaltas Westminster

Leanaidh Theresa May oirre an-diugh le atharrachadh dhreuchdan anns an riaghaltas le sùil aice air ministearan fo ìre a' chaibineit. Dh'fhàg Justine Greening a dreuchd mar Rùnaire Foghlaim a-raoir agus a' diùltadh gluasad gu obair eile. Tha Rùnaire na Slàinte, Jeremy Hunt, fhathast anns an dreuchd sin an dèidh dhasan diùltadh gluasad gu Roinn a' Ghnothachais.

Geamaichean Olimpigeach a' Gheamhraidh

Thuirt Corea a' Tuath gu bheil iad deònach buidheann a chur gu Olympics a' Gheamhraidh ann an Corea a' Deas air an ath mhìos an dèidh a' chiad chòmhraidh eadar an dà dhùthaich ann an còrr 's dà bhliadhna. Tha Corea a' Deas a' moladh gum biodh an dà sgioba a' caismeachd còmhla aig fosgladh nan geamachan.

A82

Bha barrachd thubaistean air rathad an A82 eadar Inbhir Nis 's Glaschu na bha air an A9 eadar Inbhir Nis 's Sruighlea anns na sia bliadhna mu dheireadh. Tha na figearan bho Chòmhdhail na h-Alba ag ràdh gu robh 530 tubaist air an A82 eadar 2012 agus meadhan 2017, 14 a bharrachd na bha air an A9, air a bheil leasachadh mòr an-dràsta airson a thoirt gu ìre dà fhillte. Tha luchd-iomairt a' gearain nach eil airgead ga chur ris an A82 agus gu bheil an rathad sin a' sìor fhàs nas trainge agus nas cunnartaiche.