CnES a' sgrìobhadh mu iùil phlèanaichean

Port-Adhair Beinn nam Fadhla Image copyright David Martin/Geograph

Sgrìobhaidh Comhairle nan Eilean Siar gu Ministear Comhdail na h-Alba le dragh mu phlana Phuirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) 'son seirbheisean iùil phlèanaichean.

Tha HIAL airson cur às do sheirbheisean iùil aig seachd de na puirt-adhair aca, agus an obair sin a dhèanamh bho aon ionad stiùiridh.

"Tha dùil aig a' Chomhairle sgrìobhadh chun a' mhinisteir fhèin, Ministear na Còmhdhail, timcheall air seo," thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdail Comhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robadsan.

"'S e rud a th' ann a tha gu math draghail dhan Chomhairle.

Sàbhailteachd

"'S e obraichean math dha-rìribh a tha seo, le tuarastail mhath anns na h-Eileanan, agus an fheadhainn a tha mise eòlach air, gu h-àraid san sgìre agam fhèin, 's e meadhanach òg le teaghlaichean òg a th' annta - an t-seòrsa dhaoine a tha thu airson a chumail anns na h-Eileanan.

"Agus cuideachd tha sinn caran draghail mu dheidhinn an teicneòlais timcheall air seo.

"Agus tha cuideachd cosgaisean mòra timcheall air - tha sinne a' cluinntinn gu bheil cosgaisean de chòrr is £100m ann mus gabh an teicneòlas a chur gu ìre far a bheil e sàbhailte.

"Agus bidh ceist ann fad an t-siubhail dè cho sàbhailte 's a tha e.

An t-Suain

"Mar a tha an t-sìde sna h-Eileanan tha sinn a' faicinn nan trioblaidean a th' air dùsgadh suas anns a' bhann-leathann agus iomadach rud mar sin," thuirt e.

Tha HIAL ag ràdh nach ann mu dheidhinn cosgais a tha na planaichean, agus gum feum atharrachadh tighinn air an t-siostam mu choinneimh an àm ri teachd ri linn sàbhailteachd.

"'S e sin a tha iad ag ràdh. Chan eil mi buileach cinnteach ciamar a tha sin ag obrachadh. Tha sinn uile a' faireachdainn, ma tha cuideigin air a' ghrunnd aig port-adhair sam bith gu bheil sin cho sàbhailte 's is urrainn dha a bhith, an àite a bhith a' coimhead air teicneòlas timcheall air sin," thuirt Mgr Robasdan.

"Sin a chanainnsa co-dhiù. Gu pearsanta tha mi a' cur feum air na h-itealain fad an t-siubhail, agus cha bhithinn a' faireachdainn sàbhailte mura biodh duine air a' ghrunnd aig port-adhair sam bith.

"Tha iad air feum a chur air an teicneòlas seo anns an t-Suain tha mi a' smaoineachadh gu h-àraid, agus chan eil feum air a chur air anns na h-Eileanan, mar a tha mi a' tugisinn co-dhiù.

"'S e sin an dragh as motha a th' oirnn, 's e na ceanglaichean a tha sin eadar Tìr-Mòr agus na h-Eileanan, agus ciamar a dh'obraicheas iad.

"Ma dh'fhalbhas an ceangal a th' ann tha a h-uile rud a th' ann a' dol bun os cionn," thuirt e.

Anns na h-Eileanan

Tha BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, air a ràdh gum bu chòir dhan ionad ùr a bhith stèidhichte sna h-Eileanan Siar. Tha Mgr Robasdan a' cur taic ris a' mholadh a tha sin.

"Chan eil fhios againn carson, ma tha an teicneòlas cho math sin, nach fhaodadh "hub" a bhith an àite sam bith," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha sinn air fhaicinn cho dèidheil 's a thathar air a h-uile rud a tharraing chun a' mheadhain, agus gu h-àraid a tharraing a dh'Inbhir Nis.

"Tha sinn air sin fhaicinn ann an iomadach obair a-niste, agus tha na h-Eileanan gu math nas fheumaiche air na h-obraichean na tha Inbhir Nis mar eisimpleir.

"Bhithinn an dòchas gun coimheadadh iad air sin," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo