Bathar nas daoire do dh'Earra-Ghàidheal?

Cidhe Eilein Cholla Image copyright Richard West/Geograph

Ann an 2012, dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba gun rachadh cìsean bathair ùra a stèidheachadh, fo Phlana nan Seirbheisean Aiseig (2013-2022).

Tha iad a' cantail gum biodh seo gu buannachd sheirbheisean aiseig mar eisimpleir an t-Òban gu Creag an Iubhar, an t-Òban gu Lios Mòr, an t-Òban gu Colbhasa, Taigh an Lòin gu Gigha, Claonaig gu Loch Raonasa agus Ceann na Creige gu Ìle.

Ach tha comhairlichean an Earra-Ghàidheal an amharas gum fàs e tòrr nas daoire bathar a chur a Cholla, a Thiriodh agus 's dòcha a Cholbhasa, ma thèid an Riaghltas air adhart leis an fhormula ùr aca airson nan eileanan.

Thuirt Robin MacMhuirich, a tha na chathraiche air Buidheann Ro-Innleachd Eileanan Earra-Ghàidheal gun toir an suidheachadh buaidh mhòr air eileanan beaga leithid Colbhasa.

Dh'inns e gu bheil stuth buanaiteach a' cosg fada a bharrachd an sin an coimeas ri àiteachan eile air Tìr-Mòr.

Dh'iarr e gun tèid am faradh sin sìos, agus ann an eileanan eile an Alba.

Thuirt Mgr MacMhuirich cuideachd gum feumar stad a chur air an ath-sgrùdadh.

Tha e an dòchas nach fheum eilean sam bith faradh nas motha a phàigheadh.