Amannan tadhail air an cuingealachadh

Ospadal nan Eilean Image copyright Google

Chaidh na h-amannan tadhail a chuingealachadh aig an ospadal as motha anns na h-Eileanan an Iar ri linn tinneasan a' Gheamhraidh.

Thuirt Bòrd-Slàinte nan Eilean Siar gun tàinig orra seo a dhèanamh gus euslaintich, an luchd-obrach agus luchd-tadhail a dhìon.

Chaidh lùghdachadh a dhèanamh air na h-uairean a dh'fhaodas daoine tadhal air a h-uile uard.

Dh'iarr iad air daoine air a bheil an cnatan fuireach air falbh bhon ospadal.