Tuath-gaoithe air uachdar na mara far chladach nan Eilean Siar?

Crann-gaoithte

Tha a' chompanaidh a stèidhich a' chiad tuath-gaoithe air uachdar na mara far Cheann Phàdraig air innse gu bheil iad a' bruidhinn ri Comhairle nan Eilean Siar feuch an deadh an aon rud a dheanamh far chladaichean nan eilean.

Chuir Statoil, companaidh le Riaghaltas Nirribhidh, air chois pròiseact Hywind, 15 mìle a-mach sa Chuan a Tuath, mar phròiseact pìleat.

Tha an tuath-gaoithe air a bhith a' cruthachadh cumhachd bhon Damhair.

Air sgàth 's mar a tha Hywind air soirbheachadh, thathar a-nise a' coimhead air làraichean a-muigh san fhairge a bhathar an toiseach a' creidsinn a bhiodh ro fhiadhaich airson phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail.

Tha Statoil a' creidsinn gum faodar pròiseactan a shuidheachadh ann an uisgeachan nas doimhne, leithid sa Chuan Shiar.

Cothroman

Thuirt Calum Iain MacÌomhair, Stiùiriche Leasachaidh Comhairle nan Eilean Siar, gun robh an naidheachd a' cruthachadh chothroman mu thimcheall air Innse Gall far a bheil cumhachd na gaoithe 's dòcha nas làidire na ann an sgìre sam bith eile.

"Tha Marine Scotland air sgìrean a chomharrachadh mar thà airson sgrùdadh airson tuathan-gaoithe far nan costaichean an iar agus tuath air Innse Gall, agus tha Statoil a' coimhead air na sgìrean sin mar leasachaidhean Hywind eile a dh'fhaodadh a bhith san amharc aca," thuirt e.

Thuirt Mgr MacÌomhair gum faodadh gun deadh ionad a thogail san sgìre a bhiodh a' frithealadh air leasachadh sam bith.

Thuirt tè-labhairt Statoil gun robh soirbheachas Hywind a' ciallachadh gun robh iad a-nise a' coimhead air cothroman ùra air feadh an t-saoghail agus gun robh tòrr sgìrean ann a bhiodh air leth freagarrach airson tuathan-gaoithe air uachdar na mara.