Uachdar ùr don A85 "an ath-mhìos"

Toll rathaid Image copyright JEFF OVERS

Tha daoine ann an sgìre Latharna ann an Earra-Ghàidheal a' gearain gu bheil prìomh rathad an A85 aig a' Choingheal nas miosa am bliadhna na bha e bho chionn fhada.

Tha na tuill cho mòr 's gu bheil càraichean a' dol gu taobh eile an rathaid no cha mhòr a' stad gus an seachnadh.

Ach dh'innis Bear Scotland - a tha an urra ris an rathad - do BhBC Radio nan Gàidheal gu bheil iad a' dol a chàradh a' phìos sin den rathad gu lèir air an ath-mhìos.

"Chan eil cuimhne agam gun robh an rathad riamh cho dona seo," thuirt Danny MacRath, a tha a' fuireach san sgìre.

"Tha tuill air a bhith againn ann iomadach turas, ach tha e air a dhol bhuaithe buileach a-niste, 's cha b' urrainn dhut a ràdh gur e rathad a th' ann.

"Tha e eagalach tàmailteach gu bheil aig daoine ri bhith a' dràibheadh air rathad cho dona seo 's iad a' pàigheadh chìsean rathaid is gach eile.

"Tha suas ri dà mhìos o mhothaich mi fhèin an toiseach gun robh e a' fàs eagalach dona, is chuir mi fòn an uair sin gu Bear Scotland a dh'innse dhaibh.

"Cha d' fhuair mi guth air ais, is dh'fhòn mi an t-seachdain seo chaidh a-rithist, agus thuirt iad gur dòcha gum biodh càradh ga dhèanamh an ath-mhìos.

"Ach tha fhios agam gu bheil gu leòr dhaoine eile air a bhith a' cur fios thuca cuideachd," thuirt e.

Ann am brath thuirt Bear Scotland gu bheil iad a-nis ag obair air planaichean gus teàrr ùr a chur air 600m den A85 anns a' Choingheal ann am meadhan a' Ghearrain.

Chuir iad ris gu bheil iad air an rathad a chàradh san eadar-ama, agus gun cum iad sùil air.