Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Phil Gormley

Thuirt Rùnaire a' Cheartais gu bheil e airson fuasgladh fhaighinn cho tràth 's a ghabhas dèanamh mun chonnspaid mu Àrd-Chonstabal Poileas na h-Alba. Tha Mìcheal MacMhathain air a bhith ga dhìon fhèin mun dòigh anns an do cheasnaich esan carson a leig Ùghdarras Poileas na h-Alba an t-Àrd-Chonstabal Phil Gormley air ais a dh'obair - co-dhùnadh dhan deach cur-às. Tha Mgr Gormley air fòrladh sònraichte an-dràsta, agus casaidean mì-ghiùlain na aghaidh. Thuirt Mgr MacMhathain gum biodh esan ro-thoilichte Mgr Gormley a leigeil air ais dha obair, cho fad 's gur e sin an co-dhùnadh dhan tigeadh pròiseas ceart.

Plastaig

Dh'fhoillsich Theresa May plana 25 bliadhna airson na h-Àrainneachd. Tha am Prìomhaire ag amas air cur às dhan mhòr-chuid de sgudal phlastaig ron bhliadhna 2042. Thèid iarraidh air na bùthainnean mòra sreathan sgeilfichean a stèidheachadh air nach bi dad ach stuth a tha saor bho phlastaig. Tha buidhnean iomairt leithid Greenpeace agus Friends of the Earth ag ràdh nach eil am plana mionaideach gu leòr agus nach eil taic aige san lagh.

Stoban Cotain

Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd casg a chur air dèanamh 's reic stoban chotain air an dèanamh le bioran phlastaig. Tha dragh ann mun chron a tha na bioran plastaig a tha sin a' dèanamh air tràighean agus cladaichean na dùthcha. Tha mòran de na bùthainnean as motha air gluasad mar thà gu bioran pàipeir.

Brexit

Thuirt Mèar Lunnainn, Sadiq Khan, gum biodh cha mhòr 500,000 obair ann an cunnart nam fàgadh an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach gun aonta eadar-amail. Thuirt Mgr Khan gu bheil rannsachadh neo-eisimeileach a dh'iarr e fhèin ag ràdh gun toireadh e droch bhuaidh air a h-uile roinn de dh'eaconamaidh Bhreatainn. Thuirt an Riaghaltas gum faigh iad an t-aonta as fheàrr a ghabhas dèanamh.

Ioran

Tha Rùnaire nan Dùthchannan Cèine Boris Johnson, agus ministearan cèine na Frainge 's na Gearmailt a' coinneachadh ri ministear cèin Ioran anns a' Bhruiseil an-diugh 's iad a' feuchainn ris an aonta niuclasach le Ioran a ghlèidheadh. Tha an Ceann-Suidhe Trump a' càineadh an aonta sin, agus esan a' beachdachadh air na Stàitean Aonaichte a thoirt a-mach às.