"Cron mòr" air bradain fhiadhaich bho mhialan-mara

Bradan

Tha rannsachadh ùr air a' bhuaidh a bheir mialan-mara air bradan fhiadhaich a' sealltainn gum faod na paraisitean stoc an èisg fhiadhaich a lùghdachadh cha mhòr an treas cuid ann an sgìrean far a bheil tuathanasan èisg.

Tha a' bhuidheann Glèidhteachas Bhreac is Bhradan na h-Alba ag ràdh gu bheil sgrùdaidhean a rinneadh an Nirribhidh, an Alba agus an Èirinn a' sealltainn gu bheil tuathanachas èisg a' cur ris na tha de mhialan-mara sa mhuir.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh roimhe nach eil fianais sam bith ann gu bheil mialan-mara bho thuathanasan bradain a' dèanamh cron air stoc èisg fhiadhaich.

Tha Anndra Greumach Stiùbhart, bho Ghlèidhteachas Bhreac is Bhradan na h-Alba, ag ràdh gu bheil an rannsachadh ùr seo a' dol gu tur an aghaidh na tha an Riaghaltas air a bhith ag ràdh.

"Tha iadsan air a ràdh gu bheil fianais ann air cron a rinneadh air èisg fa-leth, ach nach eil fianais ann gu bheil milleadh ga dhèanamh air stocan èisg fhiadhaich," thuirt e.

"Choimiseanaich sinne dithis de phrìomh luchd-saidheans Nirribhidh a thaobh eòlas air mialan-mara agus a' bhuaidh a bheir iad air iasg fhiadhaich, sgrùdadh ùr a dhèanamh air a h-uile fianais a th' ann, a' gabhail a-steach fianais a chaidh a chruinneachadh sa bheagan is bliadhna mu dheireadh.

"Cho-dhùin iadsan gu bheil fianais ann an Alba gu bheil cron mòr ga dhèanamh air stocan bhradan is bhànagan - a' dol an aghaidh na tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' cumail a-mach bho chionn iomadach bliadhna.

"Tha seo cudromach dha-rìribh, agus 's e rud a th' ann air am bu chòir do luchd-poileataigs, Marine Scotland agus mar sin air adhart feart a thoirt."

Thuirt Comann Luchd-Àraich Bhradan na h-Alba gu bheil rannsachadh saidheansail air sealltainn nach toir mialan-mara bho thuathanasan ach buaidh ghlè bheag air stocan èisg fhiadhaich.