Tuill uamhasach air an A85
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tuill uamhasach air an A85 gu h-àraidh aig a' Choingheal

11 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha gearainnean ann an sgìre Latharna de dh'Earra-Ghàidheal gu bheil am prìomh rathad - an A85 - aig a' Choingheal nas miosa am bliadhna na bha e bho chionn fhada.

Tha na tuill cho mòr 's gu bheilear tric a' faicinn chàraichean a' dol gu taobh eile an rathaid, no cha mhòr a' stad.

Dh'innis BEAR Scotland dhan BhBC gu bheil iad a' dol a chur uachdar ùr air a' phìos sin dhen A85 an ath-mhios. Seo Andreas Wolff.