Luchd-obrach Àranais gam pàigheadh dheth

Arnish

Thathar a' sùileachadh gun tèid 25 de luchd-obrach Ghàrradh Àranais ann an Leòdhas a phàigheadh dheth Dihaoine.

Bidh eadar 40-50 air fhàgail ag obair aig a' ghàrradh, ach dh'fhaodadh sin a bhith air a lùghdachadh.

Tha a' chompanaidh BiFab a' tighinn gu deireadh cùmhnant airson pìosan de thuath-ghaoithe Bheatrice, a tha gu bhith suidhichte far chosta Ghallaibh ann an Linne Mhoireibh.

Bha BiFab gu math faisg air a dhol ann an làmhan luchd-rianachd aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Tha dùil gun tèid cuid den luchd-obrach aig BiFab ann an Gàrradh Bhurntisland ann am Fìobha a phàigheadh dheth cuideachd.

Is coltach nach eil fios le cinnt cuin a thig tuilleadh obrach chun a' ghàrraidh.

B' fheudar do Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt do BhiFab anns an t-Samhain airson cùmhnant tuath-gaoithe Bheatrice a chumail a' dol.

Tha ceist ann dè cho seasmhach 's a tha a' chompanaidh a' dol air adhart.