Rabhadh mu mhaoimtean-sneachda sna beanntan

Chalamain Cairgorms

Chaidh rabhadh a thoirt mu mhaoimtean-sneachda anns na beanntan thar an deireadh-sheachdain.

Tha an aimsir fhuar agus geamhradail a' ciallachadh gu bheil Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Sneachda air ceithir rabhaidhean fhoillseachadh airson beanntan air Ghàidhealtachd.

Tha na rabhaidhean a' gabhail a-steach bheanntan a' Mhonaidh Ruaidh, Loch Abar, Gleann Comhann agus Creag Meagaidh.

Chaidh ceithir maoimtean-sneachda a chlàradh ann am beanntan a' Mhonaidh Ruaidh thar an dà là mu dheireadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile