3% air cìs chomhairle air Ghàidhealtachd

Highland Council

Tha dùil aig Comhairle na Gàidhealtachd a' chìs chomhairle a chur suas 3% san ath-bhliadhna-ionmhais.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil a' bheàrn "uabhasach" sa bhuidseat aca de £25m a' ciallachadh gun tèid dreuchdan a chall agus gun tèid seirbheisean a ghearradh.

Tha ceannardan na Comhairle a' cumail a-mach gu bheil an taic-airgid a tha iad a' faighinn gu bhith air a gearradh £9.4m ann am molaidhean a tha Riaghaltas na h-Alba air a chur air adhart.

Tha àrd-riochdairean na Comhairle ag ràdh nach eil mòran roghainn eile aca airson sàbhalaidhean a dhèanamh ach seirbheisean a ghearradh agus cìsean a chur suas.

Bidh àrdachadh sa chìs chomhairle de 3% am measg nam freagairtean aca airson a' bheàrn sa bhuidseat a' lìonadh.

Thathar a' tomhais gum feum iad co-dhiù £14m de na cosgaisean aca a ghearradh.

Cha deach innse aig an ìre seo dè na seirbheisean a dh'fhulaingeas.

Ach thuirt an ceannard, Mairead NicDhàibhidh, gun tèid àireamh de luchd-obrach a chall, ach gu bheilear airson an dìcheall a dhèanamh airson a bhith a' seachnadh daoine a chur às an dreuchdan.

Bidh comhairlichean a' bhòtadh aig na planaichean air 15mh den Ghearran.