Uibhist ga measadh mar phort-fànais

Soitheach Virgin Galactic a' sgèith Image copyright virgin galactic

Tha Pòl Wheelhouse, am Ministear Albannach airson Gnìomhachais, Ùr-Ghnathachais agus Chumhachd, air gabhail ri fiathachadh tadhail air Uibhist a dh'fhaicinn cho freagarrach 's a bhiodh i mar phort-fànais.

Tha seo a' tighinn agus na h-uimhir de dh'ionadan-adhair air feadh na dùthcha a' tagradh airson 's gun tèid a' chiad phort-fànais anns an Rìoghachd Aonaichte a stèidheachadh air na làraichean aca.

'S e BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNèill, a thug cuireadh dhan mhinistear.

"Tha mi toilichte gu bheil am ministear, Pòl Wheelhouse, a' tighinn a dh'Uibhist airson sealltainn air cothroman airson port-fànais a bhith ann an Uibhist," thuirt e.

"'S e fìor dheagh àite a th' ann, agus bu mhath leam taing cuideachd a thoirt do Jo Mac a' Phì, agus an roinn aigesan aig Comhairle nan Eilean Siar a th' air an t-uabhas de dh'obair a dhèanamh air seo.

"Ach tha mi gu h-àraid toilichte gu bheil am ministear a-niste a' coimhead air seo, airson a tharraing air adhart chun na h-ath-ìre.

"Tha Uibhist, mar a tha fios againn, làn sgilean a thaobh 's gu bheil Raon nan Rocaidean air a bhith ann, agus tha e cuideachd ann an deagh àite a thaobh leithid seo de dh'obair a bhith airson an obair a tha seo a chur dha na speuran.

"Mar sin chan eil againn ach a bhith ag obair 's a' dol air adhart, agus a' feuchainn ri seo a tharraing a dh'Uibhist, airson leudachadh a dhèanamh gu seachd-àraid air eaconomaidh Uibhist," thuirt e.