Naidheachan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dòmhnall Trump

Thuirt Mèar Lunnainn, Sadiq Khan, gu bheil a h-uile coltas ann gun do thuig an Ceann-Suidhe Trump gu bheil mòran dhaoine ann an Lunnainn nach eil ag aontachadh ris na tha e ag ràdh no a' dèanamh. Chuir Mgr Trump às dhan turas a Lunnainn air an ath-mhìos nuair a bha e a' dol a dh'fhosgladh Ambasaid ùr nan Stàitean Aonaichte. Thuirt an Ceann-Suidhe an-diugh nach eil e toilichte le làrach no cosgais an togalaich, ach tha beachd ann gun robh dragh air an Taigh Gheal gum biodh togail-fianais ann na aghaidh.

Manchester

Bidh rannsachadh mun cheannairc ann am Manchester a' beachdachadh air dol-a-mach nam meadhanan naidheachd agus sòisealta an dèidh na h-ionnsaigh. Chaill 22 dhuine am beatha san ionnsaigh bhoma aig consairt Ariana Grande anns a' Chèitean an-uiridh. Tha feadhainn de na teaghlaichean air gearain mun dòigh anns an do dhèilig na meadhanan riutha.

A' Ghearmailt

Bha adhartas anns a' Ghearmailt gu ruige co-bhanntachd riaghlaidh ùir. Dh'aontaich partaidh an CDU aig an t-Seansalair Angela Merkel, agus pàrtaidh sòisealach an SPD, a bh' ann an co-bhanntachd ron seo, bunaitean air an gabh co-bhanntachd ùr stèidheachadh eadar iad.

Nottingham

Bidh stèisean rèile Nottingham dùinte an còrr den là an-diugh le teine mòr an sin. Thuirt East Midlands Trains gu bheil sin a' dèanamh trioblaid mhòir anns an sgìre ann am meadhan Shasainn, leis gu bheil an stèisean aig meahdan na lìonrachd aca. Tha rathaidean cuideachd dùinte san sgìre sin, agus chaidh iarraidh air an t-sluagh am pàirt sin den bhaile a sheachnadh. Tha mu 60 de luchd-smàlaidh fhathast a' strì ris an teine, a thòisich aig 06:30m an-diugh.

Àranais

Tha dùil ri dearbhadh an-diugh gun tèid 25 duine a phàigheadh dheth aig Gàrradh Àranais ann an Leòdhas. Tha a' chompanaidh BiFab, a theab a dhol gu rianachd an-uiridh, air tighinn gu deireadh cùmhnant airson tuath-gaoithe Beatrice a-mach à Gallaibh. Tha dùil gun tòisich iad a' pàigheadh dheth luchd-obrach aig Gàrradh Bhurntisland ann am Fìobha cuideachd.

Comhairle nan Eilean Siar

Gheall cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, gun cùm iad orra a' glanadh agus a' cur salainn air na rathaidean an còrr den Gheamhradh ged a tha iad os cionn am buidseit airson na h-obrach sin. 'S e £1.3m a chuir iad mu choinneimh na h-obrach. Ach tha a' Chomhairle air £200,000 a bharrachd air sin a chosg mar thà. Thuirt Cathraiche na Còmhdhail, Uisdean Robasdan, gun cùm an obair sin a' dol nuair a bhios feum air.