Buidhean dìon nan cladaichean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Buidhean ùr ga chur air chois son cladaichean a' ghlanadh

12 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha buidheann ùr sna h-Eileanan an Iar ag amas air cladaichean na sgìre a ghlanadh bho stuth plastaig agus trealaich eile a thig air tìr neo a tha air fhàgail orra.

Agus ged a tha an dà chuid, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Westminster, air planaichean fhoillseachadh an t-seachdain seo airson lughdachadh a thoirt air an truailleadh a tha stuth plastaig ag adhbhrachadh, tha luchd-iomairt nan eilean ag ràdh gum feum iad barrachd a dhèanamh agus a dhèanamh nas cabhagaiche.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid .