Dachaighean cùraim bheaga ann an Leòdhas

Barabhas Uarach Image copyright Geograph/Donald Lawson
Image caption Tha làrach ann am Barabhas Uarach ann an Leòdhas am measg ceithir làraichean a thathas a' beachdachadh air 'son dachaigh chùraim bhig.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn ag amas air dachaigh chùraim bheag a thogail air fearann a bhuineas dhaibh.

Bhiodh seo mar phàirt de phlanaichean Bhòrd Pròiseact Cùram-còmhnaidh Leòdhais - buidheann anns a bheil leithid Comhairle nan Eilean Siar, Compàirteachas Taigheadais Innse Gall agus NHS nan Eilean Siar an sàs.

Tha am bòrd air planaichean a chur air adhart 'son sreath de dhachaighean cùraim a thogail a-muigh air an dùthaich ann an Leòdhas.

Tha iad a' rannsachadh an gabhadh 16 dachaighean cùraim bheaga a thogail uile gu lèir.

Làraichean

Chomharraich iad ceithir làraichean aig an ìre seo.

Tha trì de na làraichean, ann an Eòropaidh, ri taobh Sgoil an Taobh Siar agus ri taobh Ionad Chàrlabhaigh, le Comhairle nan Eilean Siar.

Thathas a' beachdachadh air a' cheathramh làraich, ann am Barabhas Uarach, seach gun deach Urras Oighreachd Ghabhsainn, leis a bheil am fearann, thuca.

Bhiodh rùm san dachaigh chùraim airson aon euslaintich agus bhiodh cuideigin san taigh còmhla riutha 24 uairean de thìde den là airson cobhair a thoirt dhaibh.

Tha an t-Urras airson airgead a chur dhan phròiseact leis gu bheil goireasan do sheann daoine am measg nam prìomh amasan aca.

Dh'aontaich Comataidh-Ionaltraidh Bharabhais Uaraich an talamh a thoirt a-mach à croitearachd airson 's gun deadh an leasachadh air adhart.

Goireasan

Thuirt Tormod MacThòmais bhon Urras gur e goireas math a bhiodh ann dhan sgìre, nan deadh a thogail.

"'S e an rud math mu dheidhinn gu bheil na taighean a tha seo gu bhith air an togail air an dùthaich ann an Leòdhas an àite ann am baile Steòrnabhaigh," thuirt e.

A thuilleadh air dachaigh chùraim tha Urras Oighreachd Ghabhsainn airson 's gum bi taigheadas sòisealta air an làraich, agus goireasan cùraim chloinne agus cùraim slàinte.

Tha iad cuideachd airson làraichean a chur air dòigh far an urrainn do dhaoine taighean a thogail iad fhèin.

Tha an t-Urras den bheachd gu bheil iad ann an suidheachadh math seach gun robh iad air làrach a chomharrachadh mar thà airson leasachaidh, agus seach gu bheil iad mar thà ag obair ann an co-bhanntachd le muinntir na sgìre.

Pròiseact nas motha

Thèid coimhead ri dè cho furasta 's a bhios e na dachaighean cùraim a thogail a thaobh bun-structair, 's a thaobh an rannsachaidh a thathas a' dèanamh air na ceithir làraichean a chaidh a chomharrachadh, agus thèid buil an sgrùdaidh a chur mu choinneimh Bhòrd Pròiseact Cùram-còmhnaidh Leòdhais.

Thèid beachdachadh air cosgais cuideachd.

Tha pròiseact nan dachaighean cùraim aig a' Bhòrd mar phàirt de phròiseact nas motha far a bheilear a' moladh dachaigh chùraim mhòr, le 52 leabaidh, a thogail ann an Cnoc nan Gobhair, ri taobh Tuathanas MhicAmhlaigh ann an Steòrnabhagh.

Dheadh sin an àite dhachaighean cùraim Dhùn Èisdein, Dhùn Bhearasaigh agus Ionad Cùraim Gharraboist.

Bhiodh 50 dachaigh chùraim bheag eile air an làraich sin cuideachd. 'S e flataichean a bhiodh anns na dachaighean cùraim sin leis an amas gum biodh an luchd-còmhaidh nas neo-eisimeiliche le seirbheisean cùraim ri fhaotainn dhaibh fad an là agus tron oidhche nuair a tha sin a dhìth.