Rabhadh sneachda do dh'Alba

Mapa na sìde

Dh'fhaodadh an t-sìde gheamhradail a tha air fàire buaidh a thoirt air còmhdhail is seirbheisean cumhachd.

Sin an rabhadh a tha air thighinn bho Oifis na Sìde.

Thig sneachda is deigh an lùib aghaidh fuaire a thig a-steach bhon Chuan Shiar aig toiseach na seachdain.

Ged a bhios cùisean a' toiseachadh an ìre mhath nas blàithe Diluain tha dùil gun atharraich sin tron là.

Tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a thoirt seachad bho 6:00f air thoiseach air trì là "de dh'fhrasan sneachda agus clachan-mealain trom is bitheanta".

Dh'fhaodadh na monaidhean is sgìrean àrda eadar 4 is 8 òirlich de shneachda fhaighinn agus eadar òirleach is 3 òirlich air talamh ìosal.

Cathadh

Tha Oifis na Sìde cuideachd air a ràdh gum faodadh flin is dealanach bualadh air ceann a tuath na h-Alba agus air an taobh siar.

Tha cunnart gum faodadh cathadh a bhith ann leis gu bheil dùil ri gaoith mhòir, gu sònraichte air na beanntan.

"Dh'fhaodadh dàil a bhith air na rathaidean, agus teansa gun tèid seirbheisean còmhdhail a chur dheth," thuirt luchd na sìde.

"Agus 's dòcha gun tèid cumhachd a chall agus 's dòcha gun toir e buaidh air seirbheisean eile, a leithid sheirbheisean fhònaichean-làimhe"

"A bharrachd air sin, dh'fhaodadh rathaidean is cabhsairean a bhith sleamhain, agus cunnart ann gum faodadh daoine tuiteam."

Tha seo a' tighinn air an aon àm 's a tha Comhairle na Gàidhealtachd air dearbhadh gu bheil iad air a dhol £500,000 thairis air buidseat a' Gheamhraidh aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile