Bile 'son frasadairean-smàlaidh an taighean-sòisealta

Tùr Ghrenfell
Image caption Tha na Poilis den bheachd gun do bhàsaich 71 duine san teine ann an tùr Ghrenfell san Ògmhios an-uiridh.

Cuiridh ball-pàrlamaid Gàidhealach planaichean air adhart Dimàirt gus frasadairean-smàlaidh a chur anns a h-uile taigh sòisealta a thèid a thogail an Alba.

Tha Dàibhidh Stiùbhart bhon Phàrtaidh Làbarach a' cur co-chomhairle air dòigh mun bhile aige agus e ag ràdh gun toireadh seo lùghdachadh air an àireamh dhaoine a tha a' call am beatha ann an teintean.

Thuirt Mgr Stiùbhart gu bheil ùidh air a bhith aige fad bhliadhnaichean ann an sàbhailteachd teine is mar a dh'fhaodadh frasadairean-smàlaidh feum a dhèanamh, ach thuirt e gun do sheall teine mòr Thùr Ghrenfell gun robh feum air cabhag sa ghnothach.

Tha e ag ràdh gu bheil Alba, gu h-eachdraidheil, air dheireadh air a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte a thaobh sàbhailteachd teine.

Ath-sgrùdadh

Tha e air bile a chur air adhart is e a' moladh gun deadh frasadairean-smàlaidh a chur dhan h-uile taigh sòisealta ùr ann an Alba.

Dh'fhaodadh cuideachd gun deadh an cur ann am flataichean àrda a th' ann mar-thà air a' cheann thall mar phàirt den bhile.

Thuirt Mgr Stiùbhart gu bheil na frasadairean gu math èifeachdach, is nach biodh cosgais ro mhòr ann an cur an sàs.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil ath-sgrùdadh a' dol an-dràsta air sàbhailteachd teine, agus gu bheil frasadairean-uisge am measg nan rudan air a bheilear a' coimhead.