Dòchas a thaobh fiachan Comhairle na Gàidhealtachd

Oifisean Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd gum faodadh gum faigh iad na h-uimhir de dh'fhaochadh bho fhiachan a th' aca le Riagahltas na Rìoghachd Aonaichte.

Tha fiachan £200m air a' Chomhairle a tha iad fhathast a' pàigheadh dheth bho a bhith a' togail thaighean anns na 1980an.

An dèidh choinneamhan a chaidh a chumail Dimàirt ann an Lunnainn, thuirt Mairead Davidson gur e aon bheachd gun obraicheadh àrd-oifigearan an ùghdarrais còmhla ri Roinn an Ionmhais airson ceann-ùine nam fiachan a ghluasad air ais.

Thuirt Ms Davidson nach deach dorsan sam bith a dhùnadh, ach gun deach aideachadh air an dà thaobh gum biodh e doirbh, agus nach b' urrainn dhan Riaghaltas cur às do dh'fhiachan luach nan ceudan milleanan Notaichean do dh'ùghdaras ionadail.

Thuirt i gun deadh barrachd fhiosrachaidh a thoirt do Roinn an Ionmhais mu mheud nan iasadan a ghabh comhairlean Roinn na Gàidhealtachd anns na 1980an airson dèiligeadh ri leudachadh mòr ann an obraichean ola san sgìre.

Agus thuirt i gum faodadh àrd-oifigearan Comhairle na Gàidhealtachd obrachadh le Roinn an Ionmhais airson structar ùr a chur air na h-iasadan gus an saoradh sin calpa a dh'fhaodar a chur air cùl bun-structair na Gàidhlteachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo