Comataidh 'diombach' mu fhreagairtean RBS

Banca Rìoghail na h-Alba ann am Barraigh Image copyright Google

Tha Cathraiche Comataidh nan Cùisean Albannach ann am Westminster, Pete Wishart BP, ag ràdh gu bheil iad diombach às na freagairean a fhuair iad bho àrd-oifigearan Bhanca Rìoghail na h-Alba (RBS).

Nochd na riochdairean bho RBS mu choinneamh na comataidh a bha a' rannsachadh nam planaichean aig a' chompanaidh 'son 62 meur a dhùnadh ann an Alba.

Tha meur a' bhanca ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh am measg an fheadhainn a thèid a dhùnadh.

Dh'fhàg Cathraiche na Comataidh air Banca Rìoghail na h-Alba nach eil iad air a bhith ag èisteachd ris na coimhearsnachdan air feadh na h-Alba air an toir seo buaidh.

"Tha e follaiseach nach robh RBS air co-chomhairleachadh sam bith a dhèanamh mu na planaichean aca 'son an treas cuid de na meuran aca a dhùnadh.

"Chan eil coltas ann gu bheil tuigse aca mun droch bhuaidh a tha call sheirbheisean banca a' toirt air a' choimhearsnachd.

"Chan eil coltas orra nas motha gu bheil iad a' dol a bheachdachadh air an t-suidheachadh a-rithist a dh'aindeoin bheachdan nan coimhearsnachdan, neo beachdan aig an fheadhainn a thug fianais seachad an-diugh."

Bhana

Ach chuir Àrd-oifigear Bhancaireachd Pearsanta RBS, Les MacMathain dìon air a' cho-dhùnadh.

Thuirt e, a bharrachd air inneal ATM a stèidheachadh ann am bùth ann am Bàgh a' Chaisteil, gu bheil iad a' dol a chur bhana a' bhanca dhan sgìre.

"Tha e a' toirt mu 40 mionaid 'son draibheadh timcheall Bharraigh.

"Agus bidh comas againn stad ann an 4 no 5 àiteachan.

"Do na daoine aig a bheil duilgheadasan faighinn gu meur a' bhanca, 's dòcha gum faigh iad seirbheis nas fheàrr às a sin.

Agus thuirt e: "nuair a dh'fhàsas daoine cleachdte ris a sin, tha sinn den bheachd gun còrd na planaichean againn riutha."

Tuilleadh air an sgeulachd seo