Beachdan air poileasaidh croitearachd

Caoraich

Thuirt 51% de dhaoine a fhreagair co-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air croitearachd gu bheil poileasaidh an riaghaltais ceàrr agus thuirt a' chuid as motha dhiubh a sin gum b'fheàrr leotha na'n deadh tòiseachadh a-rithist le bile croitearachd ùr.

Chaidh prìomh thoraidhean na co-chomhairle a' sgaoileadh do bhuidhinn thar-phàrtaidh na croitearachd aig Holyrood oidhche Chiadain.

Am measg na diofar roghainn a chaidh a thabhainn fhuair bile gu tur ùr an taic a bu mhotha le 43% airson gun deadh tòiseachadh a-rithist.

Tha sin an taca ri 24% a thuirt gum b'fheàrr leotha na'n deadh an reachdas a tha ann a ghlèidheadh agus a leasachadh.

Thèid na freagairtean a sgrùdadh mus cuir ministearan rompha dè a bu chòir a bhith air a dhèanamh.