Stràbhan òl plastaig gan casg le CnES

Tràigh Losgaintir
Image caption Tha mòran thràighean beagha sna h-Eileanan an Iar, nam measg Tràigh Losgantir

'S i Comhairle nan Eilean Siar a' chiad ùghdarras ionadail ann an Alba a tha a' dol a sguir a chleachdadh stràbhan òl plastaig.

Chuir te de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Foirbeis, iomairt air bhonn bho chionn ceala-deug an aghaidh droch bhuaidh nan stràbhan plastaig air an àrainneachd.

Sgrìobh i gu na 32 ùghdarrasan ionadail a' cur ìmpidh orra sguir a chleachdadh stràbhan plastaig.

Leig Comhairle nan Eilean Siar fhaicinn nach bi iad a' cleachdadh stràbhan plastaig anns na sgoiltean agus aig cuirmean comhairle tuilleadh.

Àrainneachd

Thuirt Cathraiche Foghlaim, Spòrs agus Seirbheisean Chloinne na Comhairle, an Comh. Aonghas MacCarmaig, gu robh iad toilichte gur i Comhairle nan Eilean Siar a' chiad ùghdarras ionadail ann an Alba a tha air leithid a' ghealltanais a thoirt seachad.

"Leis gu bheil mòran chladaichean ann an sgìre an ùghdarrais, tha a' chomhairle gu math mothachail air an uidhir de sgudail a tha air fhàgail air na tràighean agus mu na cladaichean againn, an cron a tha e a' dèanamh air an àrainneachd, agus na tha e a' cosg a thoirt air falbh," thuirt e.

Tha Mgr MacCarmaig ag ràdh gu bheil a' chomhairle air stràbhan air a dhèanamh à pàipear fhaighinn agus gun tèid an cur gu sgoiltean nuair a thèid crìoch a chuir air stocan nan stràbhan plastaig.