Iarrtas 'son obraichean a chur a dh'Àranais

Garadh Àranais

Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar gu Rùnaire na h-Eaconomaidh, Cè Mac'IlleDhuinn, ag iarraidh air earrann de dh'obair-togail sam bith a tha a' dol a chur a Ghàrradh Àranais, ann an Leòdhas.

Tha a' chomhairle cuideachd a' beachdachadh air companaidh eile a lorg a thigeadh a-steach dhan ghàrradh ma thèid BiFab fodha às dèidh dhan obair a th' aca an-dràsta crìochnachadh.

Bha riochdairean bho aonadh an GMB ann an Leòdhas Diardaoin a' coinneachadh ri Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, aig a bheil an gàrradh air màl an-dràsta.

Thuirt na riochdairean nach eil iad idir toilichte leis cho beag fiosrachaidh sa tha iad a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba agus na companaidhean iomairt mu dè tha iad a' dèanamh airson gàrraidhean togail BiFab, gàradh Àranais nam measg, a chumail fosgailte.

Ged a tha obair-togail a' dol an-dràsta, chan eil cinnt aig an ìre-sa gun tig mòran dheth a dh' Àranais.

''Obair còmhla''

Tha an comhairliche Dòmhnall Crichton, a tha na chathraiche air Comataidh Leasachaidh Sheasmhaich na comhairle, ag ràdh gu bheil co-fhaireachdainn aige dha na teaghlaichean agus a mhì-chinnt a th' ann.

''A thaobh BiFab, feumaidh sinn a bhith dòchasach a thaobh na companaidh sin an-dràsta.

'''S mathaid gun tig àm far an fheum sinn a bhith a' coimhead ri companaidhean eile a thoirt a-steach.

''Tha mi'n dòchas gun dèan an riaghaltas oidhirp, agus HIE is sinn fhìn, gus a bhith ag obair còmhla ri chèile 'son feuchainn ri Gàrradh Àranais a dhìon is gun tig obraichean anns na mìosan air thoiseach,'' thuirt e.

Tha an obair ann an Gàrradh Àranais deiseil aig deireadh na mìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo