Drogaichean luach £15,500 an Inbhir Peofharain

Chaidh greim fhaighinn air drogaichean luach cha mhòr £15,500 le Poileas Alba ann an Inbhir Pheofharain.

Fhuair oifigearan lorg air canib lusragach agus MDMA ann an togallach sa bhaile.

Chaidh na poileas dhan seòladh ann an Siorrachd Rois Diciadain far an d' fhuair iad lorg air drogaichean Class A agus B.

Chaidh fireannach, 30, a chur an greim co-cheangailte ris a' chùis agus dùil gun nochd e ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis Dihaoine.

Thuirt an Constabal Mìcheal Clark nach leig na poileas le reic dhrogaichean a dhol air adhart air a' Ghàidhealtachd.

''Tha e na phrìomhachas dhuinn stad a chur air drogaichean bho a bhith gan toirt a-steach dhan sgìre.

''Tha sinn a cur romhainn dèiligeadh ri eucoir ann an oidhirp na coimhearsnachdan againn a dhèanamh nas sàbhailte.

''Tha fiosrachadh bhon a' phoball riatanach gus an tèid againn air dèiligeadh ri duine sam bith a tha fo amharas gu bheil iad an sàs ann am malairt dhrogaichean,'' thuirt e.

Dh'iarr e air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu mhalairt dhrogaichean ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean fios a chur thuca-san neo gu Crimestoppers.