Tobar na Màthar an duais 'son ICT

ICT Image copyright SNS
Image caption George Oakley air a dhòigh às dèidh dha tadhal a chur aig Dens Disathairne.

'S e geama aig an taigh an aghaidh Thobar na Màthar an duais airson Chaley Thistle is Dùn Dè nuair a chluicheas iad a-rithist ann an Cupa na h-Alba.

Chrìochnaich na sgiobaidhean 2-2 ann an Dùn Dè Disathairne.

Chaidh Inbhir Nis air thoiseach tro Aaron Doran às dèidh mearachd bho fhear a bha uair na ghaisgeach ICT, Josh Meekings.

Bha Dùn Dè co-ionnan tràth san dàrna leth tro A-Jay Leitch-Smith, is chaidh iad air thoiseach le tadhal bho Mark O'Hara às dèidh dha am ball a ghoid bho Iain Vigurs.

Chum ICT orra ge-tà, is dh'fhàg tadhal anmoch bho George Oakley an geama co-ionnan.

"Cha robh mòran eadar na sgiobaidhean ach chum sinn a' dol, a' feuchainn ri daoine fhaighinn a-steach dhan bhocsa, is chanainn gun robh sinn airidh air geama eile", thuirt mandaidsear ICT, Iain Robasdan.

"Tha na balaich misneachail, is a bhith a' tighinn a Phàirce Dens is a bhith a' cluich mar sin, tha e a' sealltainn mar a tha sinn air tighinn air adhart.

"Thèid sinn an sàs annta san dàrna geama cuideachd is bidh cothrom againn", thuirt e.

Image copyright SNS
Image caption Cha robh Ross County ro thoilichte le Bobby Madden Disathairne.

Coinnichidh na sgiobaidhean a-rithist ann an Inbhir Nis Dimàirt an 30mh den Fhaoilleach aig 7:45f.

Bidh an sgioba a bhuannaicheas aig an taigh an aghaidh Thobar na Màthar an 10mh no 11mh den Ghearran.

Ged a tha dòchas fhathast aig Caley Thistle ann an Cupa na h-Alba, chaidh Ross County a-mach.

Chaill sgioba Inbhir Pheofharain 1-0 ri Cill Mheàrnaig le breab-peanais anmoch sa gheama bho Lee Erwin, ged nach robh County a' smaointinn gur e breab-peanais idir a bh' ann.

Cha robh iad dad nas riaraichte gun do chuir an rèitire, Bobby Madden, Tim Chow far na pàirce cuideachd.

Theab County an geama a shàbhaladh le oidhirp bhon fhear-ghlèidhidh aca, Aaron McCarey, ann an ùine a chaidh a chur ris a' gheama.

Ged a bha McCarey den bheachd gun robh am ball tarsainn air an loidhne, cha do dh'aontaich na h-oifigich.

Ged nach robh manaidsear Chounty, Owen Coyle, air a dhòigh mu na co-dhùnaidhean sin, thuirt e gun robh e air a mhisneachadh leis an spiorad a sheall an sgioba, is thuirt e gu bheil e dochasach mu na mìosan ri teachd.