Tè-baidhseagail air a goirteachadh

Poilis

Chaidh tè-bhaidhseagail a droch ghoirteachadh às dèidh tubaist eadar baidhseagal is càr faisg air Inbhir Nis.

Thachair an tubaist air am B9039 faisg air Àird nan Saor mu 2.50f Disathairne.

Dh'innis na poilis gun deach boireannach, 23, a bh' air a' bhaidhseagal a ghoirteachadh gu dona, ach nach eil i ann an cunnart a beatha.

B' e Toyota Yaris airgead a bh' anns a' chàr.

Cha deach an dràibhear a ghoirteachadh idir.

Dh'iarr na poilis air duine sam bith a chunnaic an tubaist no an càr no am baidhseagal fios a chur orra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile