Iomairt an Nancy Glen a thogail

Przemek Krawczyk is Donnchadh MacDhùghaill Image copyright Facebook
Image caption Bha Przemek Krawczyk is Donnchadh MacDhùghaill air bòrd an Nancy Glen.

Dh'iarr riochdairean iasgairean gun tèid bàt'-iasgaich a chaidh fodha ann an Loch Fìne a thogail far a' ghrunnd.

Tha dithis fhireannach fhathast a dhìth às dèidh dhan Nancy Glen a dhol fodha an t-seachdain seo chaidh.

Bha Donnchadh MacDhùghaill is Przemek Krawczyk ri chèile a' fuireach air an Tairbeart.

Chaidh cobhair a dhèanamh air fireannach eile a bh' air bòrd.

Tha Comann Iasagairean Chluaidh a-nise air maoin a stèidheachadh feuch an Nancy Glen a thogail far ghrunnd an locha.

Tha iad an dòchas gun tog luchd-sgrùdaidh am bàta, ach mura tachair sin feuchaidh iad fhèin.

Thuirt an comann gur e suidheachadh tùrsach a tha seo, is gu bheil iad ag amas air airgead gu leòr a thionnal gus am bàta a thogail is na cuirp a thilleadh dha na teaghlaichean.

Dh'innis a' bhuidheann cuideachd gu bheil iad a' còmhradh ris an Nèibhidh feuch an teicneolas acasan a chleachdadh.