Molaidhean 'son Bhàgh an Òbain fon phrosbaig

Cidhe a Tuath an Òbain Image copyright David Dixon/Geograph

Beachdaichidh Bòrd Chalaidhean Earra-Ghàidheal is Bhòid Dimàirt air roghainnean airson manaidsearachd Bhàgh an Òbain san àm ri teachd.

Tha Buidheann Manaidsearachd Chala a' bhaile ag ràdh, ge b' e dè thèid a cho-dhùnadh air a' cheann thall, gum feum Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid dèanamh cinnteach gum faighear a dh'ionnsaigh a' Chidhe a Tuath, gus goireasan eile, gun dragh.

Thèid innse do bhuill Bhòrd nan Calaidhean gu bheil suas ri ochd roghainnean air am beulaibh, agus iad sin uile air an dealbhachadh gus dèanamh cinnteach gum faod soithichean Bàgh an Òbain a chleachdadh gu sàbhailte, a tha fhathas a' sìor fhàs nas trainge, gach cuid le bàtaichean-aiseig agus bàtaichean cur-seachad.

Tha Buidheann Manaidsearachd a' Chala mar thà air moladh gum biodh aon ùghdarras an urra ris a h-uile càil, gus iad ag ràdh nach gabh cùisean fàgail mar a tha iad.

'S e roghainn eile gum bi smachd aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn air barrachd den bhàgh, cho fad 's gun tèid aig soithichean siùil air tighinn ris a' Chidhe a Tuath aig àm sam bith.

Tha dùil gun iarr a' Chomhairle beachd laghail air a' chùis a tha sin.