Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionadan tubaist is èiginn

Thàinig piseach air an ùine a bha daoine a' feitheamh aig ionadan tubaist is èiginn na h-Alba an dàrna seachdain den bhliadhna. Tha na h-àireamhan as ùire a' sealtainn gun deach dèiligeadh ri 86% de dh' euslaintich taobh a-staigh ceithir uairean a thìde - sin an targaid a th' ann. Bha na h-àireamhan aig 77% no 78% thairis air an Nollaige agus a' Bhliadhn' Ùir. Tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air 95% de dh' euslaintich a bhith air am faicinn agus ge bith dè am measadh a tha a dhìth orra fhaighinn an ceann ceithir uairean a thìde.

Beinn Nibheis

Tha dùil gun tòisich iomairt teasargainn an-diugh a-rithist gus lorg fhaighinn air sreapadair a th' air chall air Beinn Nibheis. Rinn sgioba teasargainn cobhair air dithis Là na Sàbainn agus iad air fios a chur air na h-ùghdarrasan gun robh iad ann an duilgheadas aig mullach na beinne. Ach cha d' fhuair sgioba teasargainn sgeul air an treas duine a bha còmhla riutha air a' bheinn. Tha fìor dhroch shìde air bacadh a chur air Sgioba Teasargainn Bheanntan Loch Abar chun an seo.

Slàinte Chloinne

Tha dotairean a bhios an sàs ann an leigheas chloinne ag ràdh gu bheil Sasainn air dheireadh air Alba agus a' Chuimrigh. Thuirt Colaiste Rìoghail Leigheas agus Slàinte Chloinne gur iad an òigridh as motha a tha a' fulang ri linn seirbheisean slàinte nach eil coileanta. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach gu bheil planaichean adhartach dha-rìreabh aca airson piseach a thoirt air cùisean do chloinn ann an Sasainn.

Trèana

Tha obair a' dol gus treàna a thàinig far na rèile eadar an Gearasdan agus Malaig a ghluasad air ais air an rathad iarainn. Maoim-slèibhe a dh' adhbhraich an tubaist tràth madainn an-dè. Bha còignear air bòrd aig an àm ach cha deach duine a ghoirteachadh.

UKIP

Thuirt ceannard UKIP, Henry Bolton, ris a' BhBC gu bheil e deimhinne às gum faigh e taic a' phàrtaidh san fharsaingeachd agus gum bi e fhathast na cheannard mun àm sa an ath-sheachdain. Tha 14 duine aig an robh àrd-dhreuchdan sa phàrtaidh air na h-obraichean aca fhàgail agus iad feargach gu bheil Mgr Bolton air diùltadh falbh. Dh' èirich connspaid mu sheann leannan dha agus gràinn-cinnidh.

Plana Gàidhlig

Tha Eaglais na h-Alba a' cur rannsachadh air chois air mar a thathar a' cleachdadh na Gàidhlig san eaglais. Tha buidheann Gàidhlig na h-eaglaise a' dèanamh seo air thoiseach air plana ùr a bhios a' coimhead air mar a thathar a' cleachdadh a' chànain sa mhinistreachd. Bidh an sgrùdadh na chuideachadh ann a bhith a' co-dhùnadh mar a dh'fhaodaiste taic a chur ri ministreachd sa Ghàidhlig anns na bliadhnaichean a th' air thoiseach.