Iomairt Beinn Nibheis air a cur dheth

Beinn Nibheis Image copyright Mick Garratt/Geograph

Tha luchd-teasairginn ann an Loch Abar air an iomairt aca airson lorg fhaighinn air sreapadair a tha a dhìth air Beinn Nibheis a chur dheth rè ùine.

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis eile a bha a-muigh a' coiseachd còmhla ris an duine oidhche Dhòmhnaich agus iad faisg air mullach na beinne.

Bha cathadh ann agus bha an sneachda suas chun nam mionaichean aca.

Bha dùil gun tòisicheadh an iomairt gus an duine eile eile a lorg Dimàirt a-rithist, ach tha droch shìde agus cunnart bho mhaoimtean-sneachda air bacadh a chur air a' chùis.

A rèir Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Sneachda, tha ìre chunnairt ann an sgìre Loch Abar àrd.