Maill air iomairt theasairginn

An aimsir air Beinn Nibheis Image copyright Lochaber MRT
Image caption Dealbh dhen aimsir air Beinn Nibheis

Tha an stoirm Georgina fhathast a' cur maill air iomairt gus streapadair a chaidh a dhìth air Beinn Nibheis a lorg.

Thuit an duine sìos a ghil Là na Sàbaid.

Chaidh cobhair a dhèanamh air dithis eile a bha a-muigh a' coiseachd còmhla ris faisg air mullach na beinne, ach thàinig air an luchd-teasairginn an iomairt a leigeil seachad air sgàth na sìde.

Tha an aimsir air maill a chur orra bhon uair sin.

Thuirt Sgioba Theasairginn nam Beann ann an Loch Abar gum b' fheudar dhaibh "gu mì-fhortannach" sgur a choimhead airson an duine Dimàirt agus Diciadain.

Dh'fhaodadh a' ghaoth 90msu a ruighinn air Beinn Nibheis Diciadain.

Cuideachd, tha Seirbheis Fiosrachaidh nam Maoimtean-Sneachda ag ràdh gu bheil an ìre chunnairt ann an sgìre Loch Abar àrd.

Tha an luchd-teasairginn an dòchas gum faigh iad air an iomairt a thòiseachadh a-rithist Diardaoin is dùil gun tig piseach air an aimsir mus fhàs i nas miosa a-rithist.