Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Rùnaire Bhrexit, Daibhidh Davis, gu bheil e airson 's gum bi a' chuid mhòr de chòmhraidhean mun chàirdeas eadar Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach a' dol air adhart seachad mun àm a dh' fhàgas Breatainn. Tha Mgr Davis air a bhith a' toirt fianais seachad gu comataidh Bhrexit anns na Cumantan. Thuirt e gur e mearachd a bhiodh ann leigeil le na còmhraidhean leantainn anns an eadar-ama an dèidh do Bhrexit tachairt.

Iomairt Theasairginn

Tha an droch aimsir fhathast a' cur bacadh air an iomairt gus lorg fhaighinn air sreapadair a thuit faisg air mullach Bheinn Nibheis. Thuit an duine tro chnap mòr sneachda sìos a dh'Observatory Gully Là na Sàbainn. Rinn Sgioba Theasairginn Bheanntan Loch Abar cobhair air dithis eile a bha còmhla ris, ach bhon uairsin, tha an aimsir air stad a chur air oidhirpean an iomairt theasairginn a thòiseachadh às ùr. Thuirt ceannard na sgioba, John Stevenson, gun robh an aimsir air a dhol am miosad bho Là na Sàbainn agus gun robh an cunnart bho mhaoimtean-sneachda anns an sgìre aig ìre nas àirde na tha e air a bhith bho chionn ùine mhòr. Thuirt e gu robh cuid anns an sgioba an dòchas a dhol suas a-màireach nuair a tha dùil gum fàs an t-sìde beagan nas fheàrr.

Obraichean

Tha an àireamh de dhaoine aig nach eil cosnadh san dùthaich air tuiteam a-rithist. Air feadh na Rìoghachd Aonaichte, thuit an àireamh trì mìle eadar an t-Sultain agus an t-Samhain gu aon puing a ceithir a ceithir millean. Ann an Alba, thuit an àireamh mìle gu ceud agus dusan mìle duine.

Afganastan

Tha oifigich air taobh an ear Afganastan ag ràdh gu bheil na seirbheisean tèarainteachd air reubaltaich a ruaigeadh air falbh bho oifisean a' chartannais Save the Children ann am baile Jalalabad as dèidh batal a mhair cha mhòr trì uairean a thìde. Chaidh aithris gun deach co-dhiù aon duine deug a leòn agus gun deach triùir dhe na reubaltaich a mharbhadh.

Tuiltean

Tha ceann a deas Alba a' fulang le droch thuiltean an dèidh cho fluich sa bha e tron oidhche. Anns na Crìochan, tha na tuiltean a' toirt buaidh mhòr air Hawick agus Jedburgh is pàirtean de Pheebles. Tha cuid de dh'aibhnichean air a dhol thairis air na bruaichean agus chaidh cuid de sheirbheisean còmhdhail nan sgoiltean a chur dheth. Ged a tha i air tiormachadh beagan, chaidh cuid de dhrochaidean thairis air na h-aibhnichean a dhùnadh.

Modaratair

Chaidh ainmeachadh gur e ministear ann an Uibhist a Tuath an ath mhodaratair a bhios air an Eaglais Shaoir Leantainnich. Thèid an t-Urramach Daibhidh Blunt dhan dreuchd gu foirmeil aig an àrd sheanadh anns a' Chèitean. Tha an t-Urramach Blunt os cionn coithional Ghriomasaigh agus bha e ron sin ann an Obar Dheathain.