CNN A' moladh gun tadhail air an Eilean Sgitheanach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

CNN moladh gun tadhail air an Eilean Sgitheanach

24 Am Faoilleach 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha càineadh ga dhèanamh air a' chompanaidh chraolaidh Aimeireaganaich CNN agus iad a' moladh do dhaoine gun a bhith tadhal air an Eilean Sgitheanach co-dhiù as t-Samhradh.

Tha buidheann-turasachd san Eilean a' fàgail orra gu bheil iad ri 'naidheachdan breugach'.

Tha feadhainn air an Eilean ge-tà ag ràdh gu bheil iad a' cur fàilte air cothrom a bhith a' deasbad a bheil cron an lùib gnìomhachas na turasachd cho math ri buannachdan.