Bile Oighreachd a' Chrùin sa Phàrlamaid

Holyrood Image copyright PA

Chaidh Bile Oighreachd a' Chrùin a thoirt a-steach a Phàrlamaid na h-Alba.

Bheireadh e cothrom gu ùghdarrasan ionadail is buidhnean coimhearsnachd smachd a ghabhail air pìosan den oighreachd.

Chaidh cumhachdan Oighreachd a' Chrùin a ghluasad bho Lunnainn a dh'Alba sa Ghiblean 2017.

Bha buidheann eadar-amail a' stiùireadh chùisean bhon uairsin.

Chuireadh am bile a' bhuidheann sin, Oighreachd a' Chrùin Alba, air stèidh chinnteach.

Bhiodh cothrom aig ùghdarrasan ionadail is buidhnean coimhearsnachd tagradh a dhèanamh pìosan den oighreachd a ghabhail os làimh.

Bhiodh aca ri planaichean a dheasachadh a mhìneachadh mar a bha iad a' stiùireadh an fhearainn, is dè a' bhuannachd a thigeadh às.

Smachd

Tha ùghdarrasan ionadail, Comhairle nan Eilean Siar nam measg, air a bhith ag iomairt airson smachd air Oighreachd a' Chrùin anns na sgìrean aca.

"'Tha Oighreachd a' Chrùin cho mòr is cho eadar-dhealaichte", thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choinneagan.

"Tha na mìltean acairean de thalamh dhùthchail ann, an dàrna leth de dh'oirthir na h-Alba, fearann anns na bailtean is còirichean air a' ghrunnd, am measg eile.

"Tha am bile seo ag aithneachadh nach obraich an aon phrionnsabal anns a h-uile àite.

"Tha mi a' creidsinn gu làidir gum faigh coimhearsnachdan buannachd às, is aig an aon àm gum bi Oighreachd a' Chrùin air a stiùireadh ann an dòigh chùramach is fosgailte", thuirt i.

Chuir a' bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba fàilte air a' bhile.

"Tha sinn toilichte gun tèid cumhachdan a ghluasad gu coimhearsnachdan, is gum bi cothrom ann an cleachdadh gus leasachadh eaconomach a dhèanamh anns na coimhearsnachdan sin", thuirt Linsay Chalmers.

"'S e deagh naidheachd a th' ann cuideachd gun tèid coimhead ri buannachd dhan choimhearsnachd nuair a thathar a' beachdachadh air smachd air fearann no eile a ghluasad aig suim nas ìosaile na bhiodh ann air a' mhargaidh fhosgailte", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile