Cobhair air a dèanamh air sreapadair

Coire an Lochain Image copyright Jeff Collins / Geograph

Chaidh cobhair a dhèanamh air sreapadair a thuit ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Thachair an tubaist an Coire an Lochain madainn Diardaoin.

Chaidh an duine a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir le heileacoptair nam maor-cladaich.

Chan eil fios aig an ìre seo dè dìreach a thachair.

Thathas a' tuigsinn nach eil an duine ann an cunnart a bheatha.