FAI ga iarraidh cho luath 's a ghabhas

Cuimhneachan
Image caption Chaill ceathrar am beatha anns an tubaist

Chaidh iarraidh gun deadh Rannsachadh Tubaist Bhàsmhoir a chumail cho luath 's a ghabhas mu thubaist heileacoptair far Shealtainn ann an 2013 anns an do chaill ceathrar am beatha.

Bha 18 duine air bòrd an heileacoptair Super Puma nuair a chaidh i dhan mhuir 's i a' dèanamh air port-adhair Shumburgh.

Chaidh comhair a dhèanamh air 14 dhiubh.

Bhàsaich Sarah Darnley à Eilginn, Gary McCrossan à Inbhir Nis, Donnchadh Rothach à Bishop Auckland agus Seòras Allison à Winchester anns an tubaist.

FAI

Tha BPA Shealtainn, Tàbhais Scott, ag iarraidh gun tèid rannsachadh FAI a chumail cho luath 's a ghabhas.

Thuirt e gum biodh e gu maith nan teaghlaichean a' chùis a thoirt gu ceann.

Thuirt neach-labhairt bho Oifis a' Chrùin gu bheil rannsachadh mun tubaist a' leantainn, ach gu bheil e gu math tointe agus gu bheil cuideachadh a dhìth bho eòlaichean adhair.

Gheall iad fios a chumail ri na teaghlaichean.