An Lanntair fosgailte air an t-Sàbaid

An Lanntair

Bha còrr 's 250 duine a' frithealadh an Lanntair ann an Steòrnabhagh is an t-ionad ealain air fosgladh air an t-Sàbaid 'son a' chiad uair.

Tha dùil aca fosgladh air an t-Sàbaid mu dheireadh den dà mhìos ri teachd cuideachd.

Tha an fheadhainn a tha ga ruith an Lanntair ag ràdh gur e "eacarsaich rannsachaidh" a tha seo gus measadh a bheil iarrtas ann.

Bha fiolm is bùth-obrach ealain ann dhan fheadhainn a nochd air an t-Sàbaid.

Thuirt cathraiche an Lanntair, Dàibhidh Green, nach robh iad idir a' feuchainn ri connspaid a chruthachadh no oilbheum a dhèanamh do dhaoine.

Thuirt e gu bheil iad a' feuchainn ris a' chùis a làimhsicheach cho cùramach 's a ghabhas.

Dìon

Chaidh e às àicheadh aithris gun deach toirt air luchd-obrach a bhith ag obair air an t-Sàbaid an aghaidh an toil.

"Tha sin gu tur cearr. Cha tèid iarraidh air duine nach eil airson a bhith ag obair air an t-Sàbaid sin a dhèanamh", thuirt Mgr Green.

"An fheadhainn a bhios ag obair air an t-Sabaid, 's iad an fheadhainn a tha air innse dhuinn iad fhèin gu bheil iad deònach a bhith ag obair", thuirt e.

Dh'innis Mgr Green gum bi suidheachadh an luchd-obrach a' toirt buaidh air a' cho-dhùnadh a bhios ann air a' cheann thall.

Bha dithis a' togail fianais taobh a-muigh an Lanntair Là na Sàbaid is iad a' cur an aghaidh a bhith a' briseadh na Sàbaid.

Thuirt an t-Urramach Dàibhidh Friseal, a bha nam measg, gun robh e follaiseach gun deach lagh Dhè a bhriseadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile