Sgrùdadh pàirce ann an Inbhir Nis

Pàirce Chaledonian. Image copyright SNS

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air pàirce Chaley Thistle aig meadhan là Dimàirt feuch an tèid an geama an aghaidh Dhùn Dè air adhart.

Chrìochnaich na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 ann an Dùn Dè ann an Cupa na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.

Le uisge trom ann an Inbhir Nis oidhche Dhòmhnaich, tha ceist a-nise mun gheama aig Pàirce Chaledonian.

Thèid sùil a thoirt air a' phàirce aig 12:00f Dimàirt feuch an urrainn dha a dhol air adhart.

Bidh an sgioba a bhuannaicheas an geama an aghaidh Thobar na Màthar san ath-chuairt.