Dùil ri beachd air taighean Chùil Lodair

Àraich Chùil Lodair

Beachdaichidh comhairlichean an Inbhir Nis air planaichean gus sgeama taigheadais a thogail faisg air Àraich Chùil lodair Dimàirt.

Tha dùil gum bi daoine a' togail fianais taobh a-muigh coinneimh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas an aghaidh na sgeama, agus dragh ann gun dèan e milleadh air an àraich.

Chaidh planaichean leis a' chompanaidh Inverness Properties airson taighean a thogail faisg air iomall aithnichte na h-àraich a dhiùltadh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an 2013.

Chaidh ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh a' cho-dhùnaidh sin, agus cho-dhùin Neach-Aithris bhon Riaghaltas an sgeama a cheadachadh toiseach 2014.

Athchuinge

Dh'aontaich a' chompanaidh le Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba nach toireadh an sgeama buaidh air an àraich.

Bhon uair sin tha companaidh eile - Kirkwood Homes à Inbhir Ùraidh - air na planaichean a ghabhail thairis, agus tha iadsan a-niste a' sireadh cead airson atharrachaidhean beaga air na planaichean dhan deach cead a thoirt.

Bidh a' chomataidh a' coimhead Dimàirt ri mionaideachd nam planaichean - cruth nan togalaichean, an rathad a-steach dhan sgeama, agus cuideachd air a' bhuaidh air an arceòlas.

Tha oifigearan a' moladh na planaichean a cheadachadh.

Tha daoine air a bhith a' cur an aghaidh nam planaichean bho nochd iad an toiseach, agus dragh ann gu bheil Àraich Bhlàr Chùil Lodair nas motha na thathas ag aithneachadh gu h-oifigeil.

Tha a' bhuidheann Protect Culloden Battlefield gu bhith a' togail fianais an aghaidh na sgeama Dimàirt, agus iad cuideachd a' foillseachadh athchuinge air a bheil còrr air 70,000 ainm.

Prionnsabal

Thuirt Kirkwood Homes:

"Tha na planaichean againn air ceum deimhinneach eile a ghabhail air adhart agus Comhairle na Gàidhealtachd air co-dhùnadh moladh gun tèid cead a thoirt do leasachadh Cairnfields.

"Tha prionnsabal an leasachaidh air an làraich seo air a stèidheachadh o chionn fhada, air làraich dhuinn far an robh togalaichean mòra àiteachais roimhe.

"Tha sinn air gabhail gu tur ris a h-uile riaghailt agus pròiseas dealbhachaidh bho thòisich sinn, agus leanaidh sinn air adhart mar sin.

"Bho dh'fhoillsich sinn na planaichean againn tha ùidh làidir dha-rìribh air a bhith againn anns an leasachadh, agus tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ga chur air a' mhargaidh aon uair 's gun deach cead oifigeil a thoirt seachad.

"Bheir an leasachadh ùr cothroman ùra cosnaidh don sgìre, a thuilleadh air tuilleadh taigheadais do dh'Inbhir Nis."