Geama Chaley Thistle air

Pàirce Chaledonian. Image copyright SNS

Thèid an geama eadar Caley Thistle is Dùn Dè an Cupa na h-Alba oidhche Mhàirt air adhart.

Chaidh sgrùdadh pàirce a dhèanamh aig Pàirce Chaledonian aig meadhan là Dimàirt às dèidh uisge thruim air a' Ghàidhealtachd anns na làithean a chaidh seachad.

Cho-dhùin an rèitire gun urrainn dhan gheama a dhol air adhart.

Tòisichidh an geama aig 7:45f.

Chrìochnaich na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 ann an Dùn Dè sa chiad gheama.

Bidh an sgioba a bhuannaicheas an geama an aghaidh Thobar na Màthar san ath-chuairt.