"Dìth adhartais" air dàrna bàt-aiseig

MV Loch Seaforth
Image caption Tha iarrtas mòr air seirbheisean aiseig eadar Steòrnabhagh is Ulapul gu h-àraid as t-Samhradh le àireamhan mòra de luchd-turais.

Tha an tuilleadh còmhstri air èirigh mun t-seirbheis aiseig eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba as t-Samhradh an-uiridh gun robh an dàrna bàt-aiseig air an t-slighe na phrìomhachas dhaibh.

Bho chionn beagan làithean ge-tà, rinn Comhairle nan Eilean Siar dubh-chàineadh air Riaghaltas na h-Alba mu chion adhartais air a' chùis.

A-niste tha am BPA Tòraidheach, Dòmhnall Camshron, air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh orra bàt-aiseig a bharrachd a chur air an t-slighe gun dàil, agus e ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air a leithid.

An t-Àm ri Teachd

Ach, tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a' dìon na rinn an Riaghaltas, agus e ag ràdh gu bheil e a' tuigsinn gu bheil iad a' coimhead air feadh an t-saoghail airson soithich a bhiodh freagarrach dhan t-slighe.

Tha e ag ràdh gur e rud math dha-rìribh a th' ann gu bheil uimhir de dh'iarrtas air an t-seirbheis.

"A h-uile seirbheis dha na h-Eileanan, tha e loma-làn as t-Samhradh. Tha fhios aig a h-uile duine mu dheidhinn sin," thuirt e.

"Agus tha an Riaghaltas ag obair an-dràsta airson a bhith a' faighinn a-mach ma bhios bàta eile ann a tha freagarrach airson seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

"Tha mi air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn sin ri Humza Yousaf, agus togaidh mi a-rithist sin, air sgàth 's gu bheil feum ann as t-Samhradh.

Planaichean

"Gheibh mi a-mach bhon mhinistear dè na planaichean a th' ann, ach tha an Riaghaltas air a bhith a' coimhead air feadh an t-saoghail airson bhàtaichean, tha mi a' tuigsinn, a tha freagarrach airson na seirbheis sin.

"Ach às dèidh sin, anns an àm ri teachd, tha feum ann cuideachd airson a bhith a' smaoineachadh a bheil feum ann anns an ùine fhada air dà bhàta air an t-seirbheis sin.

"As t-Samhradh nuair a tha an t-àite trang le luchd-turais, tha e gu math follaiseach a-nise gum bi an suidheachadh sin a' fàs nas trainge anns an àm ri teachd," thuirt e.

Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil bàt-aiseig ùr a' tighinn an ath-bhliadhna eadar an Tairbeart, Loch nam Madadh agus Ùige an Eilein Sgitheanaich, agus gun toir sin cothroman ùra do luchd-siubhail.