Ceasnachadh mu chosgaisean lìbhrigidh

Airgead Image copyright PA

Thèid companaidhean a bhios a' reic stuthan air-loidhne a cheasnachadh le buill Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster air an ath-mhìos mar phàirt de sgrùdadh air cosgaisean lìbhrigidh mì-chothromach.

Thathas a' tomhas gu bheil co-dhiù millean duine an Alba a' fulang air sàilleabh chosgaisean mòra lìbhrigidh, no seirbheisean gan diùltadh dhaibh air sàilleabh far a bheil iad a' fuireach.

Bidh cuid air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a' pàigheadh £18.50 a bharrachd airson aon rud a bhith air a fhrithealadh dhaibh, agus a' feitheamh suas ri trì làithean a bharrachd airson lìbhrigidh, an taca ri daoine agus gnothachasan ann an sgìrean eile.

Air 27mh an Gearran, cumaidh Comataidh nan Cùisean Albannach seisean sònraichte ann an Westminster anns an ceasnaich iad companaidhean mòra a bhios a' reic stuth air-loidhne, agus companaidhean lìbhrigidh, a thuilleadh air buidhnean a th' air coimhead ri cosgaisean lìbhrigidh, leithid Ofcom agus Buidheann Comhairleachaidh a' Phobaill Alba.

Farpaiseachd

Bidh mòran chompanaidhean air-loidhne a' cleachdadh chompanaidhean lìbhrigidh prìobhaideach air nach eil riaghailtean seirbheis a' Phuist Rìoghail a' toirt buaidh.

Tha dragh ann gu bheil na cosgaisean agus an ìre sheirbheis a gheibhear ann na grunn sgìrean a' cur bacadh air gnothachasan taobh a-muigh nam bailtean mòra an Alba.

Coimheadaidh an seisean ann an Westminster ri cho bitheanta 's a tha cosgaisean lìbhrigidh mhòra gan cur air daoine an Alba, agus dè na sgìrean as motha air a bheil seo a' toirt buaidh.

Coimheadaidh iad ris na tha de dh'fhiosrachadh mu chosgaisean air am faigh luchd-cleachdaidh cothrom, agus a bheil na cosgaisean a' tighinn a rèir na tha e a' cosg ann an da-rìribh stuthan a fhrithealadh.

A thuilleadh air sin beachdaichidh iad air na ghabhas dèanamh gus na cosgaisean a lùghdachadh, no cur às dhaibh buileach.

"Tha cosgaisean mòra agus amannan frithealaidh fada a' cur ris na duilgheadasan a tha mu choinneimh dhaoine agus ghnothachasan taobh a-muigh nam bailtean as motha ann an Alba," thuirt Cathraiche na Comataidh, Pete Wishart BP.

"Ma tha thu a' pàigheadh £15 no barrachd airson rud fhaighinn chun an dorais agad, agus ma tha agad ri trì làithean a bharrachd fheitheamh, tha sin a' dèanamh diofair mhòir a thaobh farpaiseachd a' ghnothachais agad.

Diofar

"Tha sinn air an rannsachadh seo a chur air bhog feuch an tuig sinn ciamar a tha na tha sin de dhiofar eadar seirbheis ann an sgìrean eadar-dhealaichte den RA.

"A bheil na cosgaisean a bharrachd a' tighinn a rèir na tha lìbhrigeadh a' cosg ann an da-rìribh?

"A bheil companaidhean air coimhead ri fuasglaidhean tro an gabh na cosgaisean lùghdachadh no cur às?

"Tha sinn ag iarraidh cluinntinn mun bhuaidh a tha na cosgaisean a' toirt air muinntir na h-Alba," thuirt Mgr Wishart.

Faodar beachdan a chur chun na comataidh air an fhòram air-loidhne aca.