CnES teagmhach mu sgrùdadh aiseig

LOTI

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil e follaiseach mar-thà dè tha dhìth gus seirbheisean aiseig na sgìre a leasachadh.

Dh'innis Ministear na Còmhdail is nan Eilean, Humza Yousaf, Diciadain gu bheil Còmhdail Alba air luchd-comhairlichidh fhastadh airson sgrùdadh a dhèanamh air aiseagan nan Eilean Siar.

Dh'innis e gun tig iad dha na h-eileanan anns na mìosan ri tighinn, is dùil ri aithisg ro dheireadh na bliadhna.

Thuirt e gum bi an sgrùdadh a' coimhead ri bàtaichean ùra fhaighinn is puirt a leasachadh, am measg eile.

Càineadh

Bha Comhairle nan Eilean Siar mar-thà air slaic a thoirt air an Riaghaltas a thaobh chion adhartais air dàrna aiseag eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Tha teagamhan orra mun sgrùdadh.

"Tha sinn grunn mhìosan air cùl far an robh dùil againn a bhith", thuirt cathraiche na còmhdail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Agallamh le Ùisdean Robasdan.

"Tha mi a' smaoineachdainn anns na h-eileanan a tha seo gu bheil fios againn glè mhath càite bheil na beàrnan is ciamar a ghabhadh iad dùnadh.

"'S e pròiseas a th' ann tha mi a' creidsinn a dh'fheumas iad a dhol troimhe, ged a tha fios againne aig deireadh an là dè tha dhìth air a' choimhearsnachd is dè na beachdan a th' aca.

"Tha mi an dòchas gun tig èisdeachd ris a' choimhearsnachd, rud nach eil a' tachairt ro thric anns an àm a th' ann", thuirt e.

Dàil

Dh'innis Mgr Robasdan cuideachd gu bheil e an dòchas fiosrachadh fhaighinn an ceartuair mu obair air na cidheachan, is cuine bhios am bàta ùr a bhios air slìghe Loch nam Madadh, an Tairbeart agus Ùige deiseil.

Dhearbh an Riaghaltas mar-thà gum bi am bàta air dheireadh.

Thuirt e gum bi a' Chomhairle cuideachd a' sireadh fiosrachaidh mu shuidheachadh an MV Lord of the Isles.

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil am bàta a' tighinn gu deireadh a slighe.

Chan eil aiseag mhòr eile ann an-dràsta a gheibheadh a-steach a Mhalaig.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile