Gearraidhean gu bhith air an seachnadh

Pàrlamaid na h-Alba
Image caption Chaidh am buidseat aontachadh aig Holyrood Diciadain.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e faochadh a th' ann dhaibh nach bi aca ri cuid de ghearraidhean a dhèanamh is iad air airgead a bharrachd fhaighinn.

Thàinig Riaghaltas na h-Alba gu aonta leis a' Phàrtaidh Uaine Diciadain gus am buidseat a chur troimhe.

Mar phàirt den aonta sin, dh'iarr na h-Uainich barrachd airgid 'son ùghdarrasan ionadail gus dìon a chur air seirbheisean is cosnaidhean.

Gheibh Comhairle na Gàidhealtachd £7.5m a bharrachd na bha dùil.

Thuirt ceannard buidseit na comhairle, Alasdair MacFhionguin, gu bheil toll de £1.7m anns an ionmhas aca fhathast.

Dh'innis e ge-tà, gu bheil dùil a-nise gun tèid aca air cuid de na gearraidhean as miosa a bha san amharc a sheachnadh.

Fàilte

"S e deagh naideachd a th' ann", thuirt Mgr MacFhionguin.

"Ged a bhios dùbhlan againn fhathast leis a' bhuidseat, chan eil e a-nis idir cho dona 's a bha sinn an dùil an toiseach.

"Tha mi an dùil a-nise gun urrainn dhuin cuid de na gearraidhean a bha a' dol a thoirt buaidh air seirbheisean a sheachnadh", thuirt e.

Thàinig rabhadh cuideachd bhuaithe ge-tà, mu na bliadhnaichean ri tighinn.

Thuirt e gu bheil dùil aig a' chomhairle gum bi aca ri barrachd ghearraidhean a dhèanamh, is gu bheil a h-uile coltas ann gum bi aca ri coimhead às ùr air na molaidhean a tha iad a' leigeil seachad an-dràsta.

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar £1.2m a bharrachd tro aonta a' bhuidseit.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile