Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, ag ràdh nach eil aonta ann anns an fharsaingeachd eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba mu atharrachadh sa bhile airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Cha tàinig còmhraidhean an-raoir mu bhuaidh Brexit air na sgìrean fèin-riaghailte gu aonta sam bith. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Daibhidh Mundell, an-diugh gu bheil iad ag aontachadh, gu ìre mhòir, air dè an t-atharrachadh a tha a dhith.

Turas Theresa May

Tha Theresa May air a slighe dhachaidh à Sìona agus tuilleadh càineadh ann mun dòigh 's a bheil ise a' làimhseachadh Brexit. Thuirt am Prìomhaire gu bheil i a' dèanamh an rud a dh'iarr muinntir Bhreatainn orra. Thuirt Sràid Downing gun deach luach £9bn de chùmhnantan a chur air dòigh air turas a' phrìomhaire ann an Sìona.

Aillse

Tha, airson a' chiad uair, àireamh nas motha de dh'fhireannaich a' call am beatha le aillse prostate na tha de bhoireannaich le aillse broillich. Tha an cathrannas, Prostate Cancer UK, ag ràdh gu bheil rannsachadh agus leigheas airson aillse broillich a' soirbheachadh agus gum biodh buannachd den aon t-seòrsa ann le tuilleadh airgid airson na strì an aghaidh aillse prostate.

An Fhraing

Chaill co-dhiù còignear am beatha an dèidh tubaist eadar dà heileacoptair le arm na Frainge faisg air Saint-Tropez. Tha luchd-teasargainn a' coimhead airson aon duine a tha fhathast a dhìth.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Ceannard Buidseit Comhairle na Gàidhealtachd a' cumail a-mach nach eil an t-ùghdarras a' faighinn airgead poblach gu leòr. Chuir an Comhairliche Alasdair MacFhionghuinn fàilte air £7.5m a bharrachd a chaidh ainmeachadh ann am Buidseat na h-Alba an t-seachdain seo, a tha a' ciallachadh nach caill duine den luchd-obrach na Comhairle an cosnadh. Ach thuirt e gu bheil meud agus feumalachdan sònraichte sgìre Comhairle na Gàidhealtachd a' ciallachadh gu bheil i airidh air tuilleadh taic-airgid.

Ionad-stiùiridh

Dh'innis Poileas Alba gum bi an t-seòmar-stiùridh ann an Inbhir Nis a' dùnadh an ath-sheachdain agus an obair sin a' gluasad dhan ionad ùr ann an Dùn Dè. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad mì-thoilichte nach deach èisdeachd ri dragh mun atharrachadh agus gum bi iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh.

Stòras

Bheir Riaghaltas na h-Alba taic-airgid às ùr do lùth-chleasaichean às na h-Eileanan an Iar, agus à Arcaibh agus Sealtainn, airson siubhal gu farpaisean air Tìr-Mòr. Tha £45,000 anns an sgeama pìleat a mhaireas trì bliadhna agus gheibh suas ri ochd farpaiseach bho gach ùghdarras eileanach cothrom air taic.