Robasdan feargach

Iain Robasdan Image copyright SNS

Tha manaidsear Chaley Thistle feargach leis an àm a chaidh a thaghadh airson a' gheama aca an aghaidh Crusaders.

Thèid an geama san iar chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlan na h-Alba a chraoladh beò air BBC Alba aig 5.15f Didòmhnaich an 18mh den Ghearran.

Tha Iain Robasdan ag ràdh gu bheil sin gun chiall is nach eil e freagarrach 'son nan clubaichean no an luchd-leantainn.

A rèir Robasdan, chan eil buannachd ann dha duine.

"Canaidh cluba sam bith, ma thèid an geama aca a ghluasad 'son TBH, gheibh iad airgead às", thuirt Robasdan.

Gòraiche

"Bha mi a' smaotininn gum faigheadh sinn fhin is Crusaders rudeigin an seo, ach chaidh innse dhomh nach fhaigh sinn dad sam bith, gu bheil e na phàirt den chùmhnant.

"Tha e follaiseach gun deach an lìog gu BBC Alba is gun do dh'fhaighich iad cuine a bha iadsan 'son an geama a chur air.

"Chan eil dòigh sam bith gum biodh sinne air Didòmhnaich aig 5.15f a thaghadh", thuirt e.

Thuirt Robasdan gu bheil e air a shàrachadh leis an t-suidheachadh.

Dh'innis, ma 's e gum biodh an lìog air iarraidh air an sgioba geama eile a chluich air an 10mh den mhìos, gum biodh iad air diùltadh.